Breisleach

作词:MacNeacall;SHAW

作曲:MacNeacail

所属专辑:To The Moon

歌词

歌曲名 Breisleach

歌手名 Capercaillie

Chaidh mi'n dè dhan choille Challtainn

Shireadh chnòthan airson biadh

Ach 'se bh'air a huile geug ach

D'aodannsa gam thriall

Chaidh mi'n dè gu tràigh a' mhaoraich

Lòn de choilleagan a bhuain

Nochd a huile slige neamhnaid

D'àilleachdsa aluaidh

Chaidh mi staigh dhan aon taighòsda

Son do sgiùrsadh as mo cheann

Huile glainne thog mi thaom do

Mhaiseachd aist' na deann

Chlaon mi tràth araoir dham leabaidh

Thusa ruagadh as le suain

Ach cha tug thu cead dhomh cadal

Gus an dèanainn duan

Dh'iarrainnsa bhith saor od thòireadh

Ach gu bheil sinn roinnt' o chèil'

Do chumadh bhith an àit' do shamhla

Agam bhios an fhèill

Dh'fhàg thu mi 'nam bhaothair gòrach

Bòdhradh chàirdean le do chliù

Nuair a thig thu chì iad nach eil

Mearachd ann am fhiù

Chì iad sgurr a' danns le saobh-shruth

Famh is iolair' anns an ruidhl'

Stamh gu caomh ag altram sùbh-làir

Mireadh mu an sùil

Chì iad mis' is thusa sùgradh

Bil ri bil ar nanail aoint'

Cniadachadh mar seo gu sìor le

Chéile b' e ar maoin

展开